Emily NicDhòmhnaill, Eden Court's Gaelic Project Manager, reflects on the progress of our Gaelic Language Plan and looks ahead at some of the exciting Gaelic events coming soon.

Tha Eden Court moiteil a bhith a’ toirt taic agus a’ comharrachadh na Gàidhlig mar phàirt ùr-nodha, beothail agus adhartach de chultar na Gàidhealtachd.
Tha am Plana Gàidhlig ùr againn a’ mìneachadh mar a bhios sinn a’ brosnachadh agus a’ toirt cothrom do bharrachd dhaoine Gàidhlig a chleachdadh agus a bhith a’ dol an-sàs anns na h-ealain. Tha seo a’ gabhail a-steach seiseanan eòlas air a’ Ghàidhlig agus àrdachadh sgilean cànain am measg luchd-obrach, ag obair ann am com-pàirteachas leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig, a’ prògramadh barrachd thachartasan a chleachdas Gàidhlig, a’ tabhann chothroman do dh’fhileantaich òga an cànan a chleachdadh, a’ toirt taic do luchd-ealain Gàidhlig agus a’ leasachadh theatar ùr.
Tha sinn aig toiseach an t-slighe inntinneach seo, ach tha tachartasan sgoinneil air a bhith againn mar-thà le Cruinn Còmhla, sreath de dh’oidhcheannan acoustic le ceòl, òrain is bàrdachd Ghàidhlig. Tha sinn cuideachd air seiseanan ceòl is ealain Gàidhlig a chuir air bhog airson clann fo aois còig, bùthan-obrach dràma do dhaoine òga, filmichean Gàidhlig a shealltainn agus bùthan-obrach a’ cruthachadh film ùr do dh’inbhich. Nuair nach eil sinn trang leis na tachartasan mìorbhaileach seo, bidh an sgioba againn ag obair air na sgilean Gàidhlig aca fhèin aig na bùthan-obrach cànain cunbhalach againn!
Carson nach tig sibh ann agus taic a thoirt do aon de na tachartasan a tha ri thighinn?
Eden Court is proud to support and celebrate Gaelic as a modern, vibrant and forward-looking element of our Highland culture.
Our new Gaelic Language Plan sets out how we will encourage and enable more people to use and experience Gaelic through the arts. This includes Gaelic awareness sessions and increasing language skills amongst staff, engaging with the Gaelic community, programming more events and performances that use Gaelic, offering our young fluent speakers opportunities to use their language, supporting Gaelic artists and developing new theatre.
We are in the early stages of this exciting journey but we already have some fabulous highlights including Cruinn Còmhla (meaning 'gathered together'), an intimate series of acoustic nights in our chapel with Gaelic music, song and poetry. We have also launched Gaelic music and art sessions for under fives and monthly drama workshops for young people, programmed Gaelic cinema screenings, and facilitated creative filmmaking workshops for adults. When we're not busy with all these wonderful events, our team can be found working on their own Gaelic skills at our regular language workshops.
Why not come along and support one of our upcoming events?
This blog was written by: