Mar phàirt den t-sreth seo sgrìobhte le buill de Eden Court Connect tha sgrìobhadair Stornoway, Quebec Calum L MacLeòid a’ cuimhneachadh air turas ann am bàta a ghabh e còmhla ri sheanair faisg air fichead bliadhna air ais, agus na ceangailean eadar obair saoir agus obair sgrìobhadair.

Chan e iasgaire a th’ annam. Chan aithne dhomh bàtaichean.
Bha mi ann am Bàrraigh a’ fuireachd còmhla ris mo sheanair is sheamhair is mi air an àrd-sgoil fhàgail. Cha deach mi a dh’oilthigh no dhan colaist agus cha robh mi air obair a lorg air Tìr Mhòr. So chaidh mi sìos an tràigh còmhla rim sheanair is e ag ionnsachadh dhomh mar a thogadh an t-srubain.
Bha cuideigin air am bàta seo thoirt dha. Bàta-iomraidh bìodach a bh’ ann. Bha e air a’ chladach ann an Àrd Mhidhinis agus bha sinne a’ fuireachd ann an Àrd Mhòr, agus caolas eadar an dà àite.
Bha sin greiseag ag obair air, a’ lorg na pìosan fiodha as miosa agus dhan càradh, a’ stobadh filler air choireigin anns na toill beaga. Às dèidh là ag obair air rinn sinn sgrùdadh air. Cha b’ urrainn dhomh toill no beàrnan sam bith fhaicinn san fhiodh.
Chuir sinn air bhog e.
Thàinig uisge a-steach, dìreach beagan. Ach bha e air bhog.
Chaidh an dithis againn air bòrd, thog sinn an ràmh agus ghabh sin fhairis a’ chaolas.
Thug sinn leinn bucaid. Is math gun tug. Oir bha sinn mu lethach slìghe eadar Àrd Mhidhinis is Àrd Mhòr bha an t-uisge a’ sruthach a-steach. Tron na beàrnan, tro na toill, na rudan nach b’ urrainn dhuinn fhaicinn. Tron eòlas agus an comas nach robh againn fhathast.
Lean mo sheanair air ag iorram agus thog mise am bucaid agus thòisich mi a’ tilgeil uisge far a’ chliathaich. Cha b’ e astar fada a bh’ ann idir. B’ urrainn dhomh snàmh nan dh’fheumadh. Bha mi an dòchas nach fheumadh.

Bha mo sheanair 74 bliadhna a dh’aois an là ud. Cha robh mi cinnteach dè cho comasach e a bha esan a’ snàmh aig an aois sin. ‘S e fear tapaidh a bh’ ann. Fad m’ oigridh, b’ esan am fear as làidire, as firile a b’ aithne dhomh. Agus fiù ’s aig sìos an traigh a’ togail an t-srubain, b’ e riamh mise a bhiodh airson stad is teicheadh is gèilleadh an toiseachd. Leanadh mo sheanair air. Agus ’s e sin as coireach nach robh an t-iomgain orm. Bha esan còmhla rium. Cha robh mi nam aonair.
Chan eil cuimhne agam na thuirt e dhomh, ach tha cuimhne agam nach robh sinn a’ gaireachdain fhad’s a bha sinn fhathast sa bhàta. Ach, fiù ’s gun gàire, lean sinn oirnn ag obair. Agus aig a’ cheann thall, ràinig sinn Àrd Mhòr.
Mar sin dheth, nuair a chaidh mìneachadh dhomh ciall tùs am facal “playwright”, agus an ceangail aig “wright” ri obair saoir agus luchd-togail bàtaichean rinn mi gàire is chuimhnich mi mo sheanair agus an oudessia againn eadar Àrd Mhidhinis agus Àrd Mhòr.
Tric gu leòr san t-seòmar rehearsal airson Stornoway, Quebec b’ urrainn dhomh an t-uisge fhaicinn, ag aideoin tron bhàta nach robh buileach deiseil airson àrd a’ chuain fhathast. Air an duilleag bha coltas foirfe oirre, mar a bhàta air a’ chladach. Cha b’ urrainn dhomh na beàrnan fhaicinn gus an robh i air bhog.
Is math nach do dh’fheuch mi nam aonar e.


‘S e sgrìobhadair, bàrd agus fear-naidheachd a th’ ann an Calum L MacLeòid.
Rugadh agus thogadh ann an Inbhir Nis e. Rinn Theatre Gu Leòr riochdachadh den dealbh-chluich aige Stornoway, Quebec ann an 2023.